Ar Sgioba
Tha ar luchd-obrach càirdeil is air an dearbhadh le PVG, clàraichte leis an SSSC agus bidh sinn ag obair còmhla gus dèanamh cinnteach gu bheil fàilte air gach pàiste agus gu bheil iad a’ faighinn tlachd às an ùine aca còmhla rinn. Tha sinn a’ creidsinn ann am prionnsapalan Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta na h-Alba agus tha sinn dealasach a thaobh sin, a bheir còir do gach pàiste air:
-
Urram agus Spèis
-
Co-fhaireachdainn
-
A bhith air an gabhail a-steach
-
Cùram Freagairteach
-
Taic agus sunnd
Tha ar luchd-obrach uile fileanta sa Ghàidhlig no nan luchd-ionnsachaidh adhartach agus tha sinn glè thoilichte às ar soirbheachas agus ar n-eòlas ann a bhith a’ leasachadh agus a’ brosnachadh fileantachd chloinne sa Ghàidhlig.
Tha ar luchd-obrach dealasach a thaobh leasachadh pearsanta leantainneach agus thathar gam brosnachadh gus obrachadh a dh’ionnsaigh teisteanasan buntainneach. Bidh sinn cuideachd a’ faighinn trèanadh buntainneach gu cunbhalach, a’ gabhail a-steach Slàinteachas Bidhe, Ciad Chobhair Cloinne agus Dìon Chloinne.