top of page

Cothroman Obrach

Obraiche-cluiche
Làn-ùine (dreuchd shealach rè fòrladh màthaireil)

A’ tòiseachadh deireadh an Ògmhios / toiseach an Iuchair airson 1 bhliadhna

Le Teisteanasan £25,577 – £27,544
Gun Teisteanasan £24,898 – £25,577

An toil leat a bhith ag obair le clann? A bheil thu airson piseach a thoirt air na sgilean Gàidhlig agad? A bheil thu a’ sireadh chothroman trèanaidh ann an cùram-chloinne? 

Dh’fhaodadh tu a bhith mar phàirt de sgioba còir, cruthachail agus dìcheallach agus gheibheadh tu cothrom a bhith ag obair le clann agus cuideachadh le bhith a’ cur ghnìomhan spòrsail, togarrach air dòigh a chuireas ri ionnsachadh na cloinne. ’S e cothrom air leth a tha seo ma tha thu airson a bhith ag obair le clann agus ag iarraidh dreuchd a thoirt a-mach ann an cùram-chloinne.

  • Tha sinn a’ tabhann chothroman trèanaidh matha is sgeama peinnsein

  • Stèidhichte aig Bun-sgoil Shlèite

  • Ma thèid d’ fhastadh, bidh agad ri pàirt a ghabhail san sgeama PVG agus clàradh leis an SSSC

Cuir fios gu Maria Russell, Manaidsear Fàs Mòr, airson tuilleadh fiosrachaidh neo ma tha ceistean sam bith agad.

Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu fasmor.smo@uhi.ac.uk

Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais  (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)

Fàs Mòr is registered with the SCSWIS, the registration and inspection body for children and young people’s services in Scotland, registration number SC2003052372.   Registered as a charity in Scotland, SC036011 and company limited by guarantee Company No SC263270

Designed by GRAFICANNA

© Fas Mor 2021

bottom of page