Mu Dheidhinn
Chaidh Fàs Mòr a'steidheachadh ann an 2003 le buidheann pàrantan à Slèite a bha a'sìreadh cùram cloinne tro meadhan na Gàidhlig.
Tha fàilte blàth ro gach pàrant is pàiste ionadal agus do teaghalich a tha a' taghal air an àite.
Bheir sinn cùram do chlann eadar breith is aois 12 bliadhna.
Tha sinn air ar ruith le bòrd stiùiridh air a bheil riochdairean à Sabhal Mòr Ostaig, coimhearsnachd Shlèite is pàrantan ionnadal.


Aithris Rùin
Bheir Fàs Mòr àite sàbhailte, buan do chlann aois 0-12 bliadhna a tha a' fuireach ann neo a tadhal air ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus Loch Ailse.
'S e an rùn againn, slàinte, foghlam is toileachas a' bhrosnachadh do chlann aois dusan bliadhna 's nas òige ann an àrainneachd chofhurtail, bhrosnachail tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha sinn nar carthannas, SC036011 mar sin 's e na cìsean a bhios pàrantan a' pàigheadh a bhios a' pàigheadh cosgaisean ruith agus tuarastalan luchd-obrach .
Tha Fàs Mòr clàraichte leis an Care Inspectorate ann an Alba SC2003052372 .
