top of page
Gàidhlig
‘S e Ghàidhlig cànan luchd-obrach Fàs Mòr, ged a nithear feum den Bheurla airson clann a shocrachadh agus airson stiùireadh air slàinte is sàbhailteachd a chur an cèill.
Bhon a’ chiad latha aca ann am Fàs Mòr, thèid iarraidh air a’ chlann na tha iad a’ faireachdainn a mhìneachadh don luchd-obrach agus do chlann eile ann an cànan sam bith a tha freagarrach dhaibh pèin. Gheibh iad barrachd tuigse air a’ Ghàidhlig le bhith air an cuairteachadh leis a’ chànan agus a chluinntinn fhad ‘s a tha iad ris na gnothaichean àbhaisteach aca.
Gheibhear tuilleadh fios agus goireasan feumail bho Chomann nam Pàrant agus làrach-lìn Gaelic4Parents.

bottom of page