A' Fàs leis a' Gàidhlig


‘S i a’ Ghàidhlig cànan luchd-obrach Fàs Mòr, ged a nithear feum den Bheurla airson clann a shocrachadh agus airson stiùireadh air slàinte is sàbhailteachd a chur an cèill.
Bhon a’ chiad latha aca ann am Fàs Mòr, thèid iarraidh air a’ chloinn na tha iad a’ faireachdainn a mhìneachadh don luchd-obrach agus don chloinn eile fiù ‘s mas ann sa Bheurla a tha seo. Gheibh iad barrachd tuigse air a’ Ghàidhlig a chionn ‘s gun tèid an cuairteachadh leis a’ chànan agus an dèidh dhaibh a’ Ghàidhlig a chluinntinn fhad ‘s a tha iad ris na gnothaichean àbhaisteach aca.
Gheibhear tuilleadh fios agus goireasan feumail bho Chomann nam Pàrant agus làrach-lìn Gaelic4Parents.