Cìsean

Lasadh prìs airson tràth-clàradh

Gach Uair
Club Sgoile

£5.20

£4.20

Prìs sùbailte

5 - 12 bliadhna 

 

 

£6.20

Chan eil prìs sònraichte ann airson leth-uairean agus cha ghabh sinn ach clàraidhean air an uair m.e. 9.00 - 10.00m ’s chan e 9.15-10.15m.

 

Feumaidh sibh pàigheadh airson gach uair a tha ur clann air a chlàradh, ged a bhiodh sibh fadalach gam fàgail no tràth gan togail.

 

 ’S urrainn do Fàs Mòr na prìsean atharrachadh aig àm sam bith ach ni sinn a h-uile oidhirp conaltradh le pàrantan agus co-dhiù rabhadh mìos a thoirt seachad mus tèid an atharrachadh.

Àiteachan

Clàradh agus Tadhal Ro Chlàradh

Tha Fàs Mòr a' brosnachadh phàrantan/luchd-cùraim gus tighinn a thadhal air an ionad còmhla ri an cuid chloinne mus clàraich iad iad. Dh'fhaodadh e cuideachadh le ur clann a shocrachadh ma thadhlas iad mus tig iad gu cunbhalach; bu chòir gun cuireadh seo às do dh'iomagain/imcheist sam bith a bhiodh air ur clann. Ma thadhlas sibh air an ionad ro làimh, chan eil e idir a' ciallachadh gum feum sibh ur clann a chlàradh no àite a ghabhail. Ma tha sibh airson tadhal oirnn, cuiribh fòn chun an ionaid agus bruidhnibh ris a' Mhanaidsear.

A' cur àite air dòigh do ur cuid chloinne

Leis mar nach eil mòran àiteachan ann, b' fhiach àite a chur air dòigh do ur cuid chloinne deagh ghreis ro làimh.

 

Tha sinn a-nis a’ gabhail chlàraidhean gach  trì mìosan agus bidh lasadh phrìs ann airson na h-uairean a chlàras sibh an uair sin.   Feumar na clàraidhean seo a dhèanamh ron 15mh den mhìos roimhe sin.   

 

Bidh sinn a’ gabhail chlàraidhean aig a’ mhionaid mu dheireadh ach bidh sinn a cuir oirbh am prìs sùbailte airson seo.

 

Nuair a tha sibh a' cur àite air dòigh, an innis sibh dhan luchd-obrach cuin a thig 's a dh'fhalbhas ur clann. Cha bhi sinn a’ gabhail clann ach air an uair agus cha bhi sinn a’ tabhainn prìs airson leth uair.

 

Airson an liosta-feitheimh aig Fàs Mòr, gheibh clann a tha feumach air clàraidhean làn-ùine a’ chiad chothrom.

 

Uairean Obrach

Diluain-Dihaoine

Tha an t-ionad fosgailte bho 8.45m gu 5.00f.

Club às dèidh na Sgoile

Bidh an Club às dèidh na Sgoile ann eadar 3.15f agus 5.00f rè teirm na sgoile agus eadar 8.45m agus 5.00f tro na làithean saora 's air làithean in-sheirbheis (ach a-mhàin aig àm na Nollaige nuair a bhios sinn dùinte).  

 

A' fàgail 's a' togail na cloinne

 

Tha fàgail is togail na cloinne an urra ri pàrantan/luchd-cùraim. Air sàilleabh amannan-obrach an luchd-obrach, feumar a bhith air an uair. Mar sin, ma thèid pàiste a thogail còrr is 5 mionaidean às dèidh deireadh an t-seisein, feumaidh sibh uair a-bharrachd a phàigheadh (aig a phrìs sùbailteachd).

 

 

 

Clann a tha dheth

Ma tha ur clann clàraichte aig Fàs Mòr, tha e cudromach gun innis sibh dhuinn ma tha iad gu bhith dheth. Ma tha iad dheth feumaidh iad a’ phrìs àbhaisteach a phàigheadh. Ma tha tinneas orra airson ùine nas fhaide na cola-deug feumaidh iad leth dhen phrìs aca a phàigheadh.   

 



Briseadh Seirbheis
A' Pàigheadh

 

Gheibh sibh fàirdeal aig toiseach na mìos agus feumaidh sibh e a’ phàigheadh le airgead, seac no BACS am broinn 7 latha.

 

Feumaidh sibh pàigheadh airson gach uair a tha ur clann air a chlàradh, ged a bhiodh sibh fadalach gam fàgail no tràth gan togail.

 

Bidh na cosgaisean airson seiseanan sùbailteachd air a thoirt air adhart gu fàirdeal an ath- mhìos agus feumar a phàigheadh am broinn 7 latha.

 

 

Nì sinn ar dìcheall seirbheis cùraim fad latha a thoirt seachad, ach an-dràsta 's a-rithist togaidh rudeigin ceann a bheir oirnn an t-seirbheis a bhriseadh. Dh'fhaodadh droch thìde no dìth dealain buaidh a thoirt air an ionad. Ma thachras a leithid nì sinn ar dìcheall fios fhàgail agaibh.





 



 

 

Fas Mor logo

Fàs Mòr is registered with the SCSWIS, the registration and inspection body for children and young people’s services in Scotland, registration number SC2003052372.   Registered as a charity in Scotland, SC036011 and company limited by guarantee Company No SC263270

Designed by GRAFICANNA

© Fas Mor 2013

This site was designed with the
.com
website builder. Create your website today.
Start Now