Ceistean

Cumanta

Cuin a tha sibh fosgailte?

​Tha sinn fosgailte Diluain - Dihaoine eadar 8.45m is 5.00f, 50 seachdain dhen bhliadhna agus air ‘bank holidays’.

Cuin is urrainn dha mo phàiste tòiseachadh ann am Fàs Mòr?

Bidh sinn a’ gabhail clann ‘o bhreith air adhart.

Dè bu chòir dhuinn a bhith toirt a-staigh gach latha?

​Bheir sinn seachad greim-bìdh aotrom, fallain maidne is feasgair agus as dèidh na sgoile. Airson clann a tha a-stiagh thairis air àm lòn (rè làithean saora/in-sheirbheis), feumaidh sibh bocsa bìdh (le ainm air) a thoirt leotha.  Chan eil suiteis no deochan milis ceadaichte a chionn 's gu bheil iad a' dol an aghaidh a' phoileasaidh a th' againn air biadh fallain. Air an fhoirm chlàraidh bu chòir dhuibh innse dhuinn a bheil biadh sam bith ann a tha na chunnart dhan chloinn agaibh.

Tha sinn cuideachd a’ faighneachd gun toir ur pàiste leotha : brògan-bog no slioparan, dà set aodach a bharrachd, aodach a tha freagarrach air an àm dhen bhliadhna (còta, stoc is ad sa gheamhradh, bòtannan air latha fliuch, ad-grèine as t-samhradh), badain is wipes.

Dè cho tric ‘s a bhios sibh gan toirt a-muigh?

​Bidh sinn ag amas faighinn a-mach a chluich cho tric is as urrainn. Tha seo a-rèir an aimsir mar a bhiodh dùil! Bidh sinn a’ falbh air chuairtean ghoirid ma tha an àireamh ceart de luchd-obrach againn ach ma tha dùil againn ri dhol air cuairt sònraichte, thèid brath thugaibh ro-làimh le foirm-cead.

Ciamar a bu chòir dhomh pàigheadh?

Bidh fàirdeal a’ tighinn thugaibh aig deireadh na mìos agus faodar pàigheadh tro seic, BACS.

Dè cho fada ‘s a bu chòir dhomh mo phàiste chumail aig an taigh ma tha iad tinn?

 

 

Air adhbharan slàinte san fharsaingeachd cha bu chòir do chloinn tighinn dhan ionad ma tha droch chnatan, an spùt, tinneas geal na sùla no galar gabhaltach sam bith eile orra. Feuch nach cuir sibh pàiste tinn a dh'Fhàs Mòr. Ma dh'fhàsas ùr pàiste tinn, nì sinn ar dìcheall fios fhaighinn thugaibh.  Innsibh dhuinn mu ghalar gabhaltach sam bith gus an tèid againn air rabhadh a thoirt do luchd-obrach agus phàrantan eile.

Fas Mor logo

Fàs Mòr is registered with the SCSWIS, the registration and inspection body for children and young people’s services in Scotland, registration number SC2003052372.   Registered as a charity in Scotland, SC036011 and company limited by guarantee Company No SC263270

Designed by GRAFICANNA

© Fas Mor 2013

This site was designed with the
.com
website builder. Create your website today.
Start Now